Bingo na Seachdain Matamataig
A bheil thu deiseil airson Bingo na Seachdain Matamataig a chluich? Dòigh spòrsail air na gnìomhan Seachdain Matamataig agad uile a leantainn. Cia mheud gnìomh as urrainn dhut a chrìochnachadh? An urrainn dhut sreath a chrìochnachadh tarsainn, sìos no gu trastanach? No eadhon a’ chairt gu lèir! Roinn na nì thu air Facebook no Bluesky leis an hashtag #MathsWeekScot.

Gheibh thu molaidhean is cuideachadh gu h-ìosal airson gach tòimhseachan air duilleag Bingo na Seachdain Matamataig. Bu toil leinn cluinntinn mu na tha thu ris – na bi leisg dealbhan a phostadh air Facebook agus Bluesky leis an hashtag #MathsWeekScot agus tag a chur oirnn. Lorgaidh tu sinn an seo:
- Facebook: @MathsWeekScot
- Bluesky: @MathsWeek.Scot
Thoiribh fa-near: Tha cuid de na gnìomhan a’ ceangal ri làraichean nach eil sa Ghàidhlig.
Tòimhseachain
Fuasgail tòimhseachan
’S e dòigh spòrsail a th’ ann an tòimhseachain loidigeach agus fuasgladh chòdaichean airson do sgilean fuasgladh-cheistean matamataigeach a chleachdadh. Tha raon de thòimhseachain an-asgaidh againn, nam measg tòimhseachain loidigeach agus sudoku aig diofar ìrean duilgheadais, codaichean agus dùbhlain crioptografaidh. Faodaidh tu fiù feuchainn ri do theachdaireachd dhìomhair fhèin a chrioptachadh.
>> Thoir sùil air na tòimhseachain
Fuasgail seòmar teichidh
Tha seòmraichean teichidh a’ tabhann mòran chothroman airson sgilean àireamhachd, matamataig agus loidsig a chleachdadh. Tha grunn sheòmraichean teichidh air-loidhne againn, nam measg Escape from Lochdonia Manor, Numberella, agus cuid de sheòmraichean teichidh le dàta mar chuspair. Ged a tha iad air an liostadh fo ghoireasan ionnsachaidh do sgoiltean, tha iad cuideachd freagarrach do chlann a tha air an oideachadh aig an taigh no faodaidh teaghlaichean an dèanamh còmhla.
Geamaichean
Cluich geama chairtean no dìsnean
Tha mòran gheamannan ann far am bi thu a’ cleachdadh matamataig is dòcha gun fhios dhut, leithid àireamhan a leughadh air dìsnean, pìos-cluiche a ghluasad air adhart air bòrd-geama, no cairtean a chunntadh. Ach tha cuid de gheamannan ann a chaidh a dhealbhadh a dh’aon ghnothach gus sgilean matamataig a chleachdadh.
Tha geamannan Matamataig furasta againn a bhios a’ cleachdadh cur-ris, toirt-air-falbh, iomadachadh, roinneadh, luach àite agus aithneachadh àireamhan – agus faodar an cluich uile le dìsnean no le cairtean-cluiche àbhaisteach.
>> Geamannan Seachdain Matamataig na h-Alba
Tog le Lego
Tha tòrr Matamataig an lùib togail le Lego, bho bhith a’ cunntadh bhreigichean agus a’ taghadh nam meudan ceart de bhreigichean, gu geoimeatraidh, agus na ceàrnan agus co-chothromachd anns an togail. Faic an làrach-lìn againn airson togalaichean Lego le cuspair Matamataig leithid an tòimhseachan pentomino againn, cridheachan Lego, no tòimhseachain co-chothromachd Lego. No, carson nach tog thu do phròiseact Lego fhèin.
>> Gnìomhachdan Lego na Seachdain Matamataig
Ealain is Obair-làimhe
Cruthaich ealain air a bhrosnachadh le matamataig
Tha matamataig agus ealain a’ dol le chèile. Tha cumaidhean, pàtrain, leacadh (tessellation) agus co-chothromachd uile freagarrach airson cruthachalachd. Nach dèan thu fhèin ealain air a bhrosnachadh le matamataig. Faic na bhidiothan ealain againn bho Seachdain Matamataig na h-Alba, gus luchainn no cruthan-tìre bailteil a dhèanamh à diofar chumaidhean, pàtran air craiceann èisg a tharraing le leacadh, no uinneag glainne-dhathte cho-chothromach a chruthachadh. Agus tha tòrr ghnìomhachdan ealain eile ann.
>> Ealain is Obair-làimhe Seachdain Matamataig na h-Alba
Tarraing dealbhan àireamhan
’S e dòigh spòrsail a th’ ann an dealbhan àireamhan airson barrachd misneachd a thoirt do chlann a thaobh àireamhan aithneachadh agus ainmeachadh. Faodaidh sgoilearan nas sine spòrs fhaighinn fhathast le bhith cruthachail. Feuch ri ar dealbhan ath-chruthachadh, no cruthaich do chuid fhèin – dè an dealbh a nì thu le gach àireamh?
>> Coimhead air bhidio nan Dealbhan Àireamhan
Tha fear sònraichte againn air Dealbhan Àireamhan Nollaige cuideachd.
>> Seall air Dealbhan Àireamhan Nollaige
Paisg origami
Tha tòrr sgilean Matamataig ann an origami, leithid mothachadh spàsail, bloighean, loidhnichean is ceàrnan, co-chothromachd agus cuairteachadh. Paisg comharra-leabhair origami airson an leabhar Matamataig as fheàrr leat, no ionnsaich mar a phaisgeas tu sia-cheàrnach origami a-mach à duilleag de phàipear A4!
Sgrìobhadh Cruthachail
Sgrìobh Sgeul Matamataig
Tha a’ cho-fharpais sgrìobhaidh bhrosnachail seo a’ toirt cuireadh do dh’ùghdaran òga ann an clasaichean BS2-7 sgeulachd a dhèanamh anns a bheil eileamaidean Matamataig. Fosgailte do theaghlaichean agus do chlann a tha air an oideachadh aig an taigh, a bharrachd air sgoiltean. Is e an ceann-latha Dihaoine 3 Dàmhair aig 6f.
>> Cuir a-steach airson na Farpais Sgeul Matamataig
Sgrìobh dàn
Tha haiku air a dhèanamh suas de sheachd lidean deug, ann an trì loidhnichean ann am pàtran 5-7-5. ’S e nàdar de haiku a th' ann am pi-ku ach an àite a' phàtrain 5-7-5, tha na lidean ann am pi-ku a' leantainn na h-àireimh de dh'fhigearan anns a' chunbhalachan mhatamataigeach pi (π). Feuch fhèin ri pi-ku a sgrìobhadh!
Tha structar nan lidean anns gach loidhne ann an dàn Fibonacci (no 'Fib') a’ leantainn nan àireamhan ann an sreath Fibonacci: 0, 1, 1, 2, 3, 5, 8 agus mar sin air adhart. Feuch ri dàn Fibonacci a sgrìobhadh, agus cuir a-steach e don cho-fharpais bàrdachd againn!
>> Mar a Sgrìobhas tu Dàn Fibonacci
Cruthaich zine matamataig
’S e dòigh air fèin-fhoillseachadh a th’ ann an zine (air fhuaimneachadh mar zeen, goirid airson magazine) airson beachdan a cho-roinn, ceangal a dhèanamh ri daoine eile, agus do smuaintean fhèin a chur an cèill. Cruthaich do zine fhèin a-mach à duilleag pàipeir A4 ann an dìreach deich mionaidean! Tha an goireas air an làraich-lìn againn ag amas air àrd-sgoiltean, ach faodar a’ ghnìomhachd atharrachadh cuideachd airson clann òga agus teaghlaichean (faic a’ bhidio air paisgeadh, an uair sin theirig gu sleamhnag 11 san taisbeanadh).
>> Luchdaich sìos goireasan Zine Matamataig
Cruthaich postair Mise ann an Àireamhan
Cruthaich postair mu na h-àireamhan a tha ag innse do sgeulachd fhèin. Obraich a-mach àireamhan a tha cudromach dhut, leithid:
- Bliadhna-breith
- Aois
- Àirde
- Meud bròige
- Àireamh de pheataichean
- Uair a bhios tu a’ dùsgadh
- Àireamh litrichean anns an ainm agad
Dè eile?
A-muigh
Theirig air sealg chumaidhean agus/no àireamhan
’S e sealg-ionmhais dòigh mhath spòrs fhaighinn le matamataig a-muigh. Dh’fhaodadh tu a dhol air Sealg Chumaidhean, a dh'fhaicinn cia mheud cumadh eadar-dhealaichte a lorgas tu anns an sgìre agad, no a dhol air Sealg Àireamhan, agus faicinn dè na h-àireamhan a lorgas tu air taighean, bùthan, soidhnichean-rathaid is eile. Carson nach clàraich thu na lorgas tu agus nach roinn thu na dealbhan agad leinn air-loidhne!
>> A’ dèanamh Sealg Chumaidhean
Mura h-eil an aimsir math, faodaidh tu sealg chumaidhean no àireamhan a dhèanamh a-staigh cuideachd, no dh’fhaodadh tu feuchainn ar sealg àireamhan irisean.
Lorg matamataig aig taigh-tasgaidh, gailearaidh ealain no ionad saidheans
Tha grunn thaighean-tasgaidh agus ghailearaidhean againn a’ gabhail pàirt ann an Seachdain Matamataig na h-Alba am-bliadhna, le tachartasan, taisbeanaidhean agus slighean Matamataig air feadh na dùthcha.
>> Liosta de na tachartasan uile aig Seachdain Matamataig na h-Alba
>> Mapa de na tachartasan uile aig Seachdain Matamataig na h-Alba
Mura h-eil tachartasan sam bith san sgìre agad, carson nach tadhail thu air àite faisg ort gus faicinn dè na rudan co-cheangailte ri matamataig a lorgas tu. Thoir sùil air na molaidhean againn airson taighean-tasgaidh, gailearaidhean agus ionadan saidheans a tha a’ tabhann gnìomhan matamataig fad na bliadhna.
Mura h-eil taighean-tasgaidh, gailearaidhean no ionadan saidheans faisg ort, tha mòran dhiubh cuideachd a’ tabhann ghnìomhan air-loidhne ri dhèanamh aig an taigh. Seo moladh no dhà dhut:
- 'Maths in Motion' bho Ghailearaidhean Nàiseanta na h-Alba (chaidh an goireas seo a leasachadh do sgoiltean, ach tha gnìomhan ann a tha freagarrach do theaghlaichean cuideachd)
- Ancient Egyptian Maths bho Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba (chaidh an goireas seo a leasachadh do sgoiltean, ach tha gnìomhan ann a tha freagarrach do theaghlaichean cuideachd)
- Tha molaidhean aig Pier Arts Centre ann an Arcaibh airson gnìomhan ealain co-cheangailte ri matamataig.
- Tha tòrr ghnìomhan aig Ionad Saidheans Ghlaschu air am brosnachadh le matamataig san t-sreath aca 'GSC at Home'.
Gnìomhan Eile
Leugh leabhar co-cheangailte ri matamataig no àireamhachd
Tha uimhir de dhòighean ann airson matamataig agus àireamhachd a thoirt beò do chlann bheag. Faodaidh sgeulachdan anns a bheil àireamhan agus cunntadh, cumaidhean agus pàtrain, no bun-bheachdan matamataigeach eile gaol fad-beatha air matamataig àrach annta.
Thoir sùil air molaidhean Urras Leabhraichean na h-Alba airson leabhraichean-dhealbhan a tha a’ toirt taic do dh’àireamhachd, no faic na lèirmheasan leabhraichean ann an earrann nan Teaghlaichean air an làrach-lìn againn. Bu toil leinn cuideachd nan innseadh tu air-loidhne dè na leabhraichean-dhealbhan as fheàrr leat fhèin le cuspair Matamataig.
>> Urras Leabhraichean na h-Alba: Leabhraichean a bheir taic do dh'àireamhachd
>> Lèirmheasan leabhraichean Seachdain Matamataig na h-Alba
Coimhead air film Matamataig
Is e dòigh spòrsail airson gaol air matamataig a bhrosnachadh prògraman telebhisean agus filmichean le ceangal do mhatamataig a shealltainn do chlann. Tha sinn air taghadh de phrògraman agus fhilmichean a chruinneachadh a tha furasta an sruthadh no fhaighinn air màl air-loidhne, aig a bheil seòrsa de cheangal ri matamataig. Tha cuid de na ceanglaichean nas follaisiche, tha cuid eile nas falaichte – ach tha matamataig anns a h-uile àite! Thoir sùil air an liosta againn agus tagh film don chlas no oidhche fhilmichean teaghlaich:
>> Matamataig ann an TBh is Film
Tog dealbh airson Matamataig A-staigh (Maths Inside)
Is e farpais togail dhealbhan a th’ ann am ann am Matamataig A-staigh a tha fosgailte do dhuine sam bith ann an Alba, a bhrosnaicheas tu gus coimhead airson matamataig nad bheatha làitheil agus san t-saoghal mun cuairt ort. Bidh e a’ tachairt gach bliadhna san t-Sultain. Tha trì roinnean eadar-dhealaichte ann, agus sia ìrean aoise, bho chlann ro-sgoile gu inbhich, agus mar sin tha rudeigin ann airson an teaghlaich gu lèir.
Thèid fiosrachadh mu 2025 a sgaoileadh nas fhaisge air an àm.
>> Fios mu Mhatamataig A-staigh
Dèan bèicearachd
Cleachd do sgilean Matamataig gus rudeigin a bhèicearachd. An robh fios agad gur e bèicearachd aon de na gnìomhan as fheàrr a nì thu aig an taigh airson tòrr sgilean Matamataig eadar-dhealaichte a chleachdadh, nam measg:
- Buidseatadh airson stuthan
- Tomhas agus cothromachadh stuthan
- Reasabaidh a dhùblachadh no a ghearradh ann an leth gus a mheudachadh no a lùghdachadh
- Obrachadh a-mach meud do thionaichean bèicearachd
- Roinn na taois gu cothromach
- Roiligeadh na taois ann an cearcallan, ceart-cheàrnagan no cumaidhean eile
- Tomhais ùine còcaireachd na bèicearachd agad
Faigh a-mach tuilleadh mu bhith ag ionnsachadh matamataig tro bhèicearachd sa bhlog againn 'Ready, set bake!' no feuch an reasabaidh againn ‘Pancake Maths’!
>> Ready, set bake! Ionnsaich matamataig tro bhèicearachd.
>> 'Pancake Maths'
Latest News and Events

Twinkl Wild Maths Resources
We are delighted to once again be collaborating with Twinkl Scotland, who have produced a range of new free resources for this year's Wild Maths theme.
Early, First and Second Level have each received resources relating to Drummond Safari Park and to the topic of weather, linking to and informed by Curriculum for Excellence, which support teaching and learning maths.

New Story: Finn Finity and the Wild Maths Zoo Adventure
Finn Finity and the Wild Maths Zoo Adventure is an interactive story that you can read together with your class or as a family. It incorporates maths puzzles and activities, that you solve as you read.
