Fionn Finity agus Slighe Matamataig an Sù

Sgeulachd eadar-ghnìomhach ann an còig caibideilean le tòimhseachain is gnìomhan Matamataig

’S e sgeulachd eadar-ghnìomhach a th’ ann am Fionn Finity agus Slighe Matamataig an Sù as urrainn dhut a leughadh còmhla ri do chlas no mar theaghlach. Tha tòimhseachain is gnìomhan Matamataig ann, a dh’fhuasglas tu fhad ’s a tha thu a’ leughadh. Ma chuireas tu crìoch air an sgeulachd, leigidh an tòimhseachan mu dheireadh leat duilleag-lìn fhalaichte ‘fhosgladh’ far an urrainn dhut duais bheag a luchdachadh sìos.

Tha an sgeulachd stèidhichte aig Sù Dhùn Èideann, ach faodar a chrìochnachadh bho àite sam bith ann an Alba, cha leig thu a leas thu a bhith aig an sù airson a dhèanamh. Ach, tha an sgeulachd a’ leantainn slighe fhìor tron sù, mar sin ma tha thu a’ tadhal air an sù carson nach lean thu ceumannan Fhinn Finity fhad ’s a tha thu a’ dol timcheall agus a’ dèanamh nan tòimhseachan. Tha mapa againn a’ comharrachadh nan àiteachan far a bheil Fionn a’ stad.

Cò dha a tha e?

Tha an sgeulachd eadar-ghnìomhach freagarrach do sgoiltean, luchd-ionnsachaidh aig an taigh, teaghlaichean agus daoine fa leth a tha dèidheil air sgeulachdan agus tòimhseachain. Tha tionndadh dathte ri fhaighinn, anns a bheil ìomhaighean am measg an teacsa, agus tha dreach teacsa a-mhàin ann cuideachd a tha sònraichte do thidsearan, le taisbeanadh-shleamhnagan gus na h-ìomhaighean a shealltainn air clàr-geal no a leithid.

Dè an aois air a bheil e ag amas?

Ceann shuas na Ciad Ìre tro chun na Dàrna Ìre, mar sin BS3/BS4 gu BS7. Ma tha thu a’ gabhail pàirt mar theaghlach le buidheann aoise mheasgaichte, faodaidh buill nas sine agus nas òige a bhith a’ cuideachadh a chèile gus na tòimhseachain fhuasgladh còmhla.

Ciamar a tha e ag obair?

Tha 5 caibideilean ann, agus crìoch-sgeòil goirid. Leugh gach caibideil, agus an uair sin fuasgail tòimhseachan a’ chaibideil sin. Is e gnìomh tarraing a th’ ann an Caibideil 3 anns a bheil teamplaid a ghabhas clò-bhualadh; faodar na tòimhseachain eile uile a dhèanamh air an sgrion, le peansail agus pàipear airson notaichean a ghabhail, mura h-eil thu airson rudan a chlò-bhualadh.

Tha stiùireadh ann a dh’innseas dhut cuin a bu chòir dhut na tòimhseachain a dhèanamh. Tha fuasglaidhean airson a h-uile tòimhseachan ann (le rabhaidhean ro-làimh gus nach fhaic thu iad gun fhiosta).

Faodar an sgeulachd shlàn a luchdachadh a-nuas mar phasgan, chan fheum thu feitheamh gus an tèid caibideilean sam bith fhoillseachadh, agus mar sin faodaidh tu co-dhùnadh am bu chòir dhut an dèanamh thairis air grunn làithean no an leughadh gu lèir ann an aon sheisean. Gheibhear na luchdachaidhean a-nuas uile gu h-ìosal.

Luchdachaidhean a-nuas

Gus an sgeulachd a chrìochnachadh, feumaidh tu leth-bhreac de na caibideilean agus de na tòimhseachain airson gach caibideil (tha diofar ìrean de dhuilgheadas ann). Cha leig thu a leas am mapa a chleachdadh, ach leigidh e leat an t-slighe a bhios Fionn Finity a’ gabhail tron sù a leantainn. Tha am Faidhle Fiosrachaidh Ainmhidhean roghainneil cuideachd, ach tha fios a bharrachd ann co-cheangailte ri matamataig mu na beathaichean uile a tha a’ nochdadh san sgeulachd.

Thoir fa-near: Is e PDF a th’ anns na faidhlichean uile, ach a-mhàin far a bheil sin air a chomharrachadh.

Prìomh Sgeulachd
Roghainnean A bharrachd
Tòimhseachain
Pasgan Luchd-teagaisg

Chaidh Fionn Finity agus Slighe Matamataig an Sù a leasachadh le Seachdain Matamataig na h-Alba, ann an co-obrachadh le Sù Dhùn Èideann.

Latest News and Events

News

Maths Week Scotland for Home Learners

Maths Week Scotland isn’t just for schools and families – home learners can get involved too! With a wide range of resources, activities, and events designed to make maths fun and engaging, there’s plenty on offer to support learning at home.

News

Finn Finity's Lego Challenge

Finn Finity's Lego Challenge Cards can be used at school, at home or in community settings for example museums, libraries or community groups who run Lego clubs. Download your free set.

13th Dec
Event

Maths Play Club with Number Berries

Oxgangs Library, Edinburgh | | Free
Number Berries is excited to welcome all young mathematicians (ages 5–12) back to Maths Play Club. Every 2nd Saturday of the month from September to December 2025.