Goireasan Gàidhlig
Failte! Seo iad goireasan Seachdain Matamataig na h’Alba dhaibhsan a tha a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.
Fionn Finity agus Slighe Matamataig an Sù
’S e sgeulachd eadar-ghnìomhach a th’ ann am Fionn Finity agus Slighe Matamataig an Sù as urrainn dhut a leughadh còmhla ri do chlas no mar theaghlach. Tha tòimhseachain is gnìomhan Matamataig ann, a dh’fhuasglas tu fhad ’s a tha thu a’ leughadh. Ma chuireas tu crìoch air an sgeulachd, leigidh an tòimhseachan mu dheireadh leat duilleag-lìn fhalaichte ‘fhosgladh’ far an urrainn dhut duais bheag a luchdachadh sìos.
Matamataig A-muigh: 30 Latha Nàdair
Is toil leinn gu mòr matamataig a thoirt a-mach às an t-seòmar-sgoile dhan bhlàr a-muigh, agus air an adhbhar sin, chruthaich sinn 30 beachd air rùdan spòrsail gus do chumail gnìomhach ann an nàdar fhad ’s a tha thu a’ dèanamh beagan matamataig air an t-slighe. Agus na gabh dragh, tha pailteas mholaidhean ann cuideachd dha daoine a tha a’ fuireach ann am meadhan bhailtean.
Bingo na Seachdain Matamataig
A bheil thu deiseil airson Bingo na Seachdain Matamataig a chluich? Dòigh spòrsail air na gnìomhan Seachdain Matamataig agad uile a leantainn. Cia mheud gnìomh as urrainn dhut a chrìochnachadh? An urrainn dhut sreath a chrìochnachadh tarsainn, sìos no gu trastanach? No eadhon a’ chairt gu lèir!
Twinkl
Seo iad goireasan Gàidhlig ann aig gach ìre, a tháirgtear ag Twinkl Scotland do Seachdain Matamataig na h’Alba.
RSPB agus Faire Mòr Eunlaith nan Sgoiltean
Faigh a-mach barrachd mun obair aig an RSPB agus mar is urrainn dhut maths a chleachadh airson an Faire Mòr Eunlaith nan Sgoiltean.
Latest News and Events
Maths Week Scotland is moving
Responsibility for the Maths Week Scotland programme is moving to Education Scotland. Planning is underway for the tenth anniversary of the programme. Further information will be available from Education Scotland soon.
STEM Ambassadors in Scotland Week 2026
STEM Ambassador in Scotland (SAIS) Week is a celebration of all things STEM in Scotland through the experiences of our STEM Ambassadors.
Money Maths at Museum on the Mound
We are excited to offer Maths versions of our popular money-themed schools workshops. These are entirely free of charge. Best suited for P5-P7 pupils.